(Please note that the music file will take
a wee while to download as it's 1.4Mb in size. Have a go at reading the song while you
wait.. it's worth waiting for!)
Chorus
Tha buaidh air an uisge bheatha,
Tha buaidh air 's cha ghabh e cleith;
Tha buaidh air an uisge bheatha,
Dh'òlainn tè is fuar i.
-------
An cuala sibh 's an àite so,
Mu'n Ford a fhuair an Lamanach;
Gu fan i far am fàgar i,
Mur tàirnear i cha ghluais i.
'S e sud an car tha cunnartach,
Ma thàras i air buill' thoirt dhuit;
An làrach far an cuir i thu,
Gu fuirich thu 'nad shuain ann.
Ma ghluaiseas e do
do'n bhaile rith,
A steach Black Brook gu'n caillir i,
Cha dèan i cnoc Iain Shalaich dheth
'S cha toir a h-anail suas i.
'S gu'n d'thuirt Dòmhnall Angus ris
An déidh dha chuis a rannsachadh,
Tha 'n uidheam stiùiridh cam oirre,
Mu'n dèan i call, cuir uait i.
Nis crìochnaichidh mi'n dan so dhuibh
An dùil gu'n dèan sibh fabhar leam:
Na inssibh e do'n Lamanach,
Mur fàs e ann an gruaim rium.
|