SGEULACHD
CHONAIL CHROBHIE.
Bha rìgh air
Sasunn aon uair, agus bha triủir mhac aige, 's chaidh iad do 'n Fhraing a
dh' fhaotainn ionnsachadh, agus an uair a thill iad dhachaidh, thuirt iad
ri 'n athair gun rachadh iad a shealltainn de 'n riaghailt a bha san
riòghachd o n' a dh' fhalbh iad, agus b’e a cheud àite do 'n deach iad do
thigh fear do thuathanaich an rìgh do 'm b’ ainn Conal Cròbhi. Bha gach ni
‘b 'fhearr na chéile aig Conal Cròbhi a feitheamh orra, biadh dheth gach
biadh, 's deoch dheth gach deoch. ‘Nuair a bha iad subhach 'sa thàinig am
dhoibh dol a luidhe, thuirt mac mòr an rìgh, " ‘Se so an riaghailt a th'
againne bho thàinig sinn dhachaidh, gu 'm bi mise le bean an tighe nochd,
agus mo bhràthair meadhonach leis an t-searbhanta, 's mo bhràthair òg le
nighean fir an tighe." Ach cha do thaitinn so idir ri Conal Cròbhi, 's
thubhairt e, "Mu'n nighean 's mu'n t-searbhanta cha 'n abair mi mòran, ach
cha 'n-'eil mi toilichte dealachadh ri m' bhean, ach théid mise mach agus
feòraichidh mi dhiubh fhéin mu thimchioll na củise so;" agus a mach ghabh
e, 's ghlais e 'n dorus na dhéigh 's dh' iarr e air a ghille na tri eich a
b' fheàrr a bha anns an stàbull a bhi deas gun dàil. Chaidh e féin 's a'
bhean air fear, 's a ghille 's a nighean air fear eile, a mhac 's an
searbhanta air an treas each, 's dh' fhalbh iad far an robh an rìgh, a dh'
innseadh am masladh a thug a chuid mac dhoibh. Bha gille furachail an rìgh
ag amharc a mach co a chitheadh e tighinn. Ghlaodh e gun robh e 'faicinn
triủir mharcaiche dủbailte a' tighinn. Thuirt an rìgh, “Ha! hath! so Conal
Cròbhi a' tighinn, 's mo thriủir mhacsa fo chìs aige, ach ma tha iadsan,
cha bhi mise." Nuair a thàinig Conal Cròbhi, cha d' thugadh an rìgh
ésdeachd dha. Thuirt Conal Cròbhi an sin, nuair nach d' fhuair e freagairt,
"Ni mise do rìoghachd na 's miosa na tha i," 's dh' fhalbh e s' dh' fhàg e
e, 's thòisich e air robaireachd ‘s air togail chreach.
Thuirt an
rìgh, gu 'n d' thugadh e duais air bith do dhuine a gheibhadh a mach an t-àite
anns an robh Conal Cròbhi a' gabhail còmhnuidh. Thuirt marcach gemeartach*
an rìgh, na 'm faigheadh esan latha 's bliadhna, gu 'm faigheadh esan a
mach far an robh e. Thug e mar so latha 's bliadhna, ga 'iarraidh, ach ma
thug, cha 'n fhac e sealladh do Chonal Cròbhi. Air an rathad dhachaidh,
shuidh e air maolan bòidheach buidhe 's chunnaic e caol smuid ann am
meadhom na Coille ủbhlaidh. Bha gille furachail aig Conal Cròbhi a'
sealltainn co 'chitheadh e 'tighinn. Chaidh e stigh, 's thuirt e gun robh
e ‘faicinn coslas a mharcaich ghemeartaich (Gemeartach, swift [not
in dictionaries]; probably from CEUM, a pace) a' tighinn. "Tha, tha,"
thuirt Conal Cròbhi, "Tha 'n duine bochd air a chuir air falbh air fògradh
mar chaidh mi féin." Bha a làmhan sgaoilte aig Conal Cròbhi a' feitheamh
air, 's fhuair e rogha biadh 's deocha, 's burn blath d'a chasan, 's leaba
bhog d'a leasan, Cha robh e ach goirid 'na luidhe 'nuair a ghlaodh Conal
Cròbhi, "Am bheil thu 'd chadal, a mharcaich' ghemeartaich?" "Cha n'eil,"
thuirt esan. 'N ceann tacain a rithist, ghlaodh e, "M bheil thu 'n ad'
chadal." Thuirt e, nach robh. Ghlaodh e 'rithist
an treas uair, ach cha robh freagradh ann. Ghlaodh Conal Cròbhi an
so, "Air bhur bonn na tha stigh; cha 'n am crủban a th' ann, bithidh an
tòir oirnn an ceartair." Bha 'm fear faire aig Conal Cròbhi a glaodhaich
gun robh e ‘facinn triủir mhac an rìgh a' tighinn le cuideachd mhòr maille
riu." Cha robh do dh' airm aig' ach claidheamh meirgeach dubh. Thòisich
Conal Cròbhi orra, 's cha d' fhag e duine beò, ach triủir mhac an rìgh.
Cheangail e triủir mhac an rìgh an sin 's thug e stigh iad. Chuir e
ceangal nan tri chaoil orra gu daor 's gu docair, 's thilg e ann an củil
na mòn iad, 's thuirt e ri 'bhean biadh a dhèanamh gu luath, gu 'n robh e
'dol a dhèanamh obair nach d' rinn e riamh roimhe a leithid. "Gu dé sin a
dhuine?" thuirt ise. "Dol a thoirt nan ceann do thriủir mhac an rìgh."
Thug e nìos am fear mòr, 's chuir e 'cheann air an ealaig 's thog e 'n
tuadh. "Na deàn! na deàn." thuirt esan, " 's gabhaidh mi leat fhéin an
còir's an eucoir gu bràth. " Thug e nìos an sin am fear meadhonach; chuir
e cheann air an ealaig, 's thog e 'n tuadh. "Na deàn! Na deàn! " thuirt
esan, " 's gabhaidh mi leat fhéin an còir's an eucoir gu bràth." Thug e
nìos an sin am fear òg, 's rinn e 'leithid eile air. "Na deàn! Na deàn!"
thuirt esan, " 's gabhaidh mi leat an còir 's an eucoir gu bràth." Dh'
fhalbh e fhéin an sin's triủir mhac an rìgh far an robh an rìgh. Bha
gillean furachail an rìgh a' sealltainn a mach, cuin a chitheadh iad a'
tighinn a chudeachd le ceann Chonail Chròbhi. Ghlaodh fear amach, gun robh
e 'faicinn coslas triủir mhac an rìgh a' tighinn, 's Conal Cròbhi air an
toiseach. "Ha! ha!" thuirt an rìgh, "tha Conal Cròbhi a' tighinn 's mo
thriủir mhac aige fo chìs, ach ma tha iadsan, cha bhi mise. " Cha
d'thugadh e freagradh do Chonal Cròbhi, ach gu 'm bitheadh e air a
chrochadh air croich air moch maduinn an latha màireach. Nis chaidh a
chroich a chuir suas, 's bha Conal Cròbhi gu bhi air a chrochadh; ach
ghlaodh mac mòr an rìgh, "Théid mise na àite." Ghlaodh mac meadhonach an
rìgh, "Théid mise na àite." Ghlaodh mac og an righ, "Théid mise na àite."
Ghabh an rìgh mìothlachd an so ri 'chuid mac. Thuirt Conal Cròbhi an sin,
"Ni sinn long mhòr agus théid sinn a ghoid nan tri òigeach bhlàra, dhubha
a tha aig rìgh Eirinn, 's ni sinn rioghachd Shasuinn co beartach sa bha i
riamh.
Nuair a bha
'n long deas, chaidh a toiseach ri muir 's a deireadh ri tìr, 's thog iad
na siủil bhreaca, bhaidealach ri aghaidh nan crann fada, fulannach, 's
cha robh crann gun lủbadh na seòl gun reubadh, 's bha faochagan ruadh a
chladaich a glaga-daich air a h-urlar. Ràinig iad pàileas rìgh Eirinn;
chaidh iad a stigh do 'n stàbull, ach a nuair a chuireadh Conal Cròbhi a
làmh air na h-òigeich bhlàra, dhubha, leigeadh na h-òigeich sgreuch asda.
Ghlaodh rìgh Eirinn, "Bithibh a mach, fhearaibh, tha cuideiginn a cur
dragh air na h-òigeich." Chaidh iad a mach, 's dh' fheuch iad shìos as
shuas ach cha n' fhac iad duine. Bha seann togsaid an ceann shìos an
stàbuill, agus bha Conal Cròbhi 's triủir mhac an rìgh 'gam folach fhéin
's an togsaid. Nuair a chaidh iadsan a mach, chuir Conal a làmh air an
òigeach, ach leig an t-òigeach sgreuch as. Rinn iad so tri uairean, agus
air an treas tròmh, thuirt fear do na bha sa chuideachd, nach do sheall
iad san togsaid. Sheall iad an sin's fhuair iad triủir mhac an rìgh agus
Conal anns an togsaid. Chaidh an tabhairt a stigh a dh' ionnsaidh an rìgh.
"Ha! ha! a bhéist liath," thuirt an rìgh, " 's iomadh cron a rinn thu mu
'n do smaoinich thu tighinn a ghoid nan òigeach dhubh agamsa." Chaidh
ceangal nan tri chaoil gu daor ‘s gu docair a chur air Conal Cròbhi, 's
thilgeadh an củil na moine e, 's chaidh triủir mhac an rìgh a thoirt an
àird staidhir. Nuair a lion na fir a bha gu h’àrd iad féin làn do bhiadh,
's do dheoch, 's ann a smaoinich an rìgh fios a chur a nìos air Conal
Cròbhi, a dh' innseadh sgeulachd. Cha bu ruith do mhac mòr an rìgh ach
leum sios, g’a iarraidh. Thuirt an rìgh, “Thig a nios an so, a bhéist
liath, ‘s innis dhuinn sgeulachd." "Innsidh mi sin," thuirt esan, "ma
gheibh mi fiach innseadh, 's cha 'n e mo cheann fhéin na ceann aon do 'n
chuideachd." "Gheibh thu sin," thuirt an rìgh. "Tosd! thall an sin, 's
éisdibh ri sgeulachd Chonail Chròbhi," thuirt an rìgh! " 'Nam' ghill' òg,
bha mi 'g iasgach latha aig taobh aibhne, 's thàinig long mhòr seachad orm;
thuirt iad rium 'an gabhainn a' m' philot gu dhol au Ròimh; thuirt
mi gu 'n dèanainn e, agus na h-uil' àite, do 'n ruigeamaid, dh'
flieòraicheadh iad, am b'e siud an Ròimh? 's theirinn-sa nach b’i, 's cha
robh fios agam, c'ait' air an t-saoghal mhòr an robh an Ròimh. Thàinig
sinn mu dheireadh gu h-eilean a bha 'n sin. Chaidh sinn air tir agus
chaidh mise a ghabhail sràid feadh an eilean, agus dur a thill mi air m'
ais, bha 'n long air falbh. Bha mi 'n sin air m' fhàgail leam fhéin, 's
cha robh fios agam de a dhèanainn. Bha mi 'dol seachad air tigh a bha 'n
sin, 's chunnaic mi bean ri caoineadh. Dh’ fheòraich mi dhi de 'm bròn a
bha orra? Thuirt i rium 'gu 'n do bhàsaich ban-oighre an eilean so bho
cheann sèa seachduinnean agus gu 'n robh i ri 'tiodhlacadh an latha so.
Bha iad a' cruinneachadh gus an tiodhlacadh, 's bha mise 'nam measg, ‘s 'nuair
a chuir iad sios anns an uaigh i, chuir iad poc' òir fuidh ‘ceann, 's poc'
airgid fuidh casan. Thuirt mise rium fhéim, gu 'm b’fheàrr sud agam fhéin,
nach robh e gu feum sam bith dh' ise. Nuair a thàinig an oidhche thill mi
air m' ais gus an uaigh. An uair a chladhaich mi 'n uaigh, 's a bha mi
tighinn a nìos leis an òr 's leis an airgiod, rug mi air a chlach a bha
air beul na huaighe. Thuit a chlach a nuas, 's bha mise còmhladh ris a
chailleach mharbh an sin. Air do làimhsa, a rìgh Eirinn, 's air mo
làimh-sa, ge saor e, mur robh mi ni bu chruaidh còmhladh ris a chaillich
na tha mi 'n so fo t’iochd-sa, 's dủil ri dol as agam." "Ha! Ha! a bhéist
liath, thàinig thu as an sin, ach cha téid thu as an so." "Thoir dhomh a
nis fiach m' ursgeul," arsa Conal. "Gu de sin," thuirt an rìgh. "Tha mac
mòr rìgh Shasuinn, agus nighean mhòr rìgh Eirinn a bhi air am pòsadh ri 'chéile,
agus fear do na h-òigeich bhlàra, dhubha na thocharadh." "Gheibh thu sin,
thuirt an rìgh." Chaidh beireachd air Conal Cròbhi, 's ceangal nan tri
chaoil a chuir air gu daor 's gu docair, 's a thilgeil an củil na moine,
's chaidh banais fichead oidhche 's fichead latha a dhèanamh do 'n chàraid
òg. Nuair a bha iad sgith an sin ag itheadh 's ag òl, thuirt an rìgh, gu
'm b’ fheàrr fios a chuir air a bhéist liath, 's gu 'n innseadh é gu de
mar fhuair é as an uagh. Cha bu ruith ach leum le mac meadhonach an rìgh
gu dol g’a iaraidh. Bha e cinnteach gu ‘faigheadh e pòsadh dha fhéin, mar
fhuair e d'a bhràthair. Chaidh e sìos 's thug e nios e. Thuirt an rìgh, "Thig
a nios 's innis dhuinn cionnas a fhuair thu as an uaigh." "Innsidh mi
sin," thuirt Conal Cròbhi, "ma gheibh mi fiach innseadh, 's cha 'n e mo
cheann féin, na ceann h-aon a tha sa chuideachd." "Gheibh thu sin," thuirt
an righ.
Bha mise an
sin gus an latha. Thàinig brithair na ban-oighre dhachaidh, 's dh'
fheumadh e sealladh d'a phiuthar fhaicinn agus dar a bha iad a cladhach na
h-uaighe, ghlaodh mise, "O, beir air làimh orm!' 'S am fear nach fanadh ri
'bhogha cha 'n fhanadh ri 'chlaidheamh, 's iad a glaodhaich gu 'n robh am
fear bu mhiosa an siud, 's bha mise cho luath ri h-aon aca fhéin. Bha mi
'n sin air feadh an eilean gu 'n fhios dé 'n taobh a rachainn. Thàinig mi
'n sin tarsuinn air triủir ghillean òga, 's iad a cuir chrann.
Dh' fheòraich
mi dhiubh, de a bha iad a dhènamh mar siud. Thuirt iad de mo ghnothuchsa
de bha iad a dhènamh. "Hud! Hud! " arsa mi fhéin, "innsidh sibh dhomh dé
tha sibh a dhènamh." "Mata," thuirt iadsan, "thug famhair mòr air falbh ar
piuthar 's tha sin a cuir chrann feuch co againn a théid sìos do 'n toll
so g'a h-iarraidh." Chuir mise crann leo 's cha robh ann ach gu'n d'
thàinig an crann orm fhéin gu dol sìos g' a h-iarraidh. Leig iad sìos mi
ann an cliabh. Bha an sin an aon bhoirionnach bu bhòidhche a chunnaic mi
riabh, 's i tochras snàth òir far eachan airgid. "O!' thuirt, ise rium,
fhéin, "de mar thàinig thusa an so?" "Thàinig mise a nuas gu d' iarraidh;
tha do thriuir bhràithrean a feitheamh ort aig beul an tuill, agus cuiridh
sibh a nuas an cliabh am màireach gu m' iarraidh-sa. Ma bhitheas mi beò 's
maith, 's mar bi cha 'n 'eil atharrach air." Cha robh mi ach goirid an sin
a nuair a chuala mi stairum 's stararaich a tighinn aig an fhamhair. Cha
robh fios agam càite an rachainn am falach; ach chunnaic mi dủn òir 's
airgid an taobh thall uamh an fhamhair. Smaoinich mi nach robh àite air
bith a b' fheàrr dhomh dol am folach na 'measg an òir. Thàinig am famhair
a stigh, 's cailleach mharbh slaodadh ris gach barrall bròig' aige. Sheall
e shòs 's sheall e shuas, 's dar nach fac e is' air thoiseach air, leig e
burrall mòr caoinidh as. Thug e dathadh air na cailleachan roimh 'n
ghealbhan 's dh' ith e iad. Cha robh fhios aig an fhamhair an so de 'n rud
a b' fheàrr a chumadh fhadal deth, ach smaointich e gu 'n rachadh e a
chunntas a chuid òir a's airgid. Cha robh e ach goirid an sin 'nuair a
chuir e làmh air mo cheann fhéin. "A bhéist! " thuirt am famhair, " 's
ioma droch rud a rinn thu riamh mu 'n do smaoinich thu tighinn an so a
thoirt air falbh a' bhoirinnaich bhòidheach a bh' agam-sa. Cha 'n 'eil
feum agamsa ort an nochd, ach's tu ghlanas m'fhiaclan moch am màireach."
Bhu a bhéist sgìth 's chaidil e 'n déigh na caillich itheadh. Chunnaic mi
bior mòr feòla ri taobh a ghealbhain. Chuir mi 'n teismeadhoin an teine am
bior iaruinnn, gus an robh e dearg. Bha 'm famhair 'na throm chadal, ‘s a
bheul fosgailte, 's e 'rủchdail 's a séideil. Thug mi 'm bior dearg as an
teine, 's chuir mi sìos am beul an fhamhair e. Thug e grad leum gu taobh
thall na h-uaimh, 's bhuail e ceann a bhior ris a' bhalla 's chaidh e mach
roi 'n cheann eile. Rug mi air claidheamh mòr an fhamhair, agus le aon
bheum chuir mi 'n ceann dheth. Air an latha màireach, thàinig an cliabh a
nuas gum m' iarraidh fhéin. Ach smaoinich mi gu 'n lionainn an cliabh do
dh' òr 's do dh' airgiod an fhamhair, 's dar a bha e 'm meadhon an tuill,
le cudthrom an òir 's an airgid, bhris an iris, thuit mi nuas a measg
chlachan, 's phris, 's dhris, 's air do làimhsa, a rìgh Eirinn, 's air mo
làimhs ge saor e, bha mi 'n càs bu chruaidhe na tha mi nochd fo t'iochdsa
's dủil agam ri dol as." "Ah! a bhéist liath, thàinig thu as an sin, ach
cha téid thu as an so," ars' an rìgh. "Thoir dhomh a nis fiach m' ursgeul,"
arsa Conal. "De sin?" thuirt an rìgh. "Tha mac meadhonach rìgh Shasuffin
's nighean mheadhonach rìgh Eirinn a bhi air am pòsadh ri chéile 's fear
do na h-òigeich bhlàra, dhubha mar thochradh." "Tachraidh sin," thuirt an
rìgh. Chaidh beireachd air Conal Cròbhi 's a cheangal le tri chinn chaoil,
sa thilgeadh an cuil na mòine, 's chaidh banais fichead oidhche 's fichead
latha a dhéanamh do'n chiraid òig. An sin, 'nuair a bha iad sgìth 'g
itheadh ‘s ag òl, thuirt an rìgh, gu 'm b’fheàrr dhoibh Conal Cròbhi a
thoirt a nìos gus an innseadh e cionnas a fhuair e nìos a uamh an fhamhair.
Cha bu ruith ach leum le mac òg an rìgh dol sòs g' a iarraidh. Bha e
cinnteach gu 'faigheadh e pòsadh dha fhéin mar fhuair e do chàch. "Thig a
nìos an so, a bhést liath," thuirt an rìgh, " 's innis duinn ciamar a
fhuair thu a uaigh an fhamhair." "Innsidh mi sin, ma gheibh mi fiach
innseadh, 's cha 'n e mo cheann fhéin no ceann h-aon do na 'bheil sa
chuideachd." "Gheibh thu sin," thuirt an rìgh. "Tosd! thall an sin, 's
eisdeamaid ri sgeulachd Chonail Chròbhi," thuirt an rìgh! (Well), bha mise
gu h-ìosal an sin, 's mi spaisdeireachd air m' ais 's air m' aghaidh. Bha
mi 'dol seachad air tigh a bha 'n sin 's chunnaic mi bean an sin, 's
leanabh aice san darna làimh, 's sgian aice san làimh eile, 's i 'caoinneadh.
Ghlaodh mi fhéin rithe, "Cum air do làmh a bhean; de tha thu dol a
dhéanamh mar sin?" "O!” thuirt ise, "tha mi aig tri famhairean an so, agus
dh' iarr iad orm, mo, leanabh bòidheach a bhi marbh 's air a bhruich air
an cionn 'nuair a thigeadh iad dhachaidh gu 'n dinneir. Chi mi," arsa mise,
"triủir dhaoine crochta air croich thall an siud, bheir sinn a nuas fear
dhiubh, agus théid mise suas na àite, 's deasaichidh tu esan an àite do
leinibh." Agus a nuair a thàinig na famhairean dhachaidh gu 'n dinneir,
theireadh fear dhiubh, " 'S e so feòil an leinibh," 's theireadh fear eile,
"cha 'n e." Thuirt fear dhiubh, gu 'n rachadh e a thoirt staoig a fear do
na bha air a chroich, agus gu 'faiceadh e co dhiu 's e feòil an leinibh a
bha iad ag itheadh. 'S me fhéin a cheud fhear a thachair orra, 's air do
làimh, a rìgh Eirinn., 's air mo làimhsa, ge saor e, mur robh mi ann an
cruaidh-chàs ni bu mhò 'nuair a bha 'n staoig a tighinn asam, na tha mi
nochd fo t'iochdsa 's dủil ri dol as agam. "A bhést liath, thàinig thu as
an sin, ach cha d' thig thu as an so," ars' an rìgh. "Thoir dhomh a nis
duais m' ursgeul." "Gheibh thu sins's ars' an rìgh. "S e mo dhuais, mac òg
rìgh Shasuinn, 's nighean òg rìgh Eirinn a bhi posda, 's fear do na h-òigeich
dhubha mar thochradh." Chaidh beireached air Conal Cròbhi, 'sa cheangal le
cinn nan tri chaoile gu daor 's gu docair, 's a thilgeadh sìos an củil na
mòine, 's chaidh banais fichead latha 's fichead oidhche a dhèanamh do 'n
chàraid òig. Nuair a bha iad sgìth 'g itheadh 's a g òl, thuirt an rìgh,
gu b' fheàrr a bhéist liath ad a thoirt a nìos, a dh' innseadh de mar
thàinig e bhàrr na croiche. Thug iad an so a nìos mi fhéin. "Thig a nìos,
a bhéist liath an so, 's innis dhuinn de mar fhuair thu bharr na croiche."
"lnnsidh mi sins” arsa mi fhéin, "ma gheibh mi duais mhaith." "Gheibh thu
sins” thuirt an rìgh. (Well) a nuair a ghabh na famhairean an dinneir bha
iad sgìth, 's thuit iad 'nan cadal. Nuair a chunnaic mise so, thàinig mi
nuas 's thug a' bhean dhomh claidheamh mòr, lasrach soluis a bha aig fear
do na famhairean, 's cha robh mi fada a tilgeadh nan ceann do na
famhairean. Bha mi fhéin 's am boirionnach an so gun fhios againn cionnas
a gheibheamaid a nìos a'uamh an fhamhair. Dh' fhalbh sinn gu ceann shìos
na h-uaimh 's lean sinn an sin rathad cumhang roi chreag gus an d' thàinig
sinn gu solus 's gu bior-linn luingeanach an fhamhair. Smuainich mi fhéin
gum pillinn air m' ais agus gu 'n luchdaichinn a bhior-linn le òr 's le
airgiod an fhamhair, agus mar so fhéin rinn mi. Dh’ fhalbh mi leis a
bhior-linn fo shèol gus an d' thàinig mi gu h-eilean nach b' aithne dhomh.
Chaidh an long, 's am boirionach, ‘s an leanabh a thoirt uam,'s fagar mise
an sin gu tighinn dhachaidh mar a b'fheàrr a dh' fhaodainn. Fhuair mi
dhachaidh aon uair eile do Shasuinn, ged tha mi 'n so a nochd.
Ghlaodh
boirionnach a bha na luidhe san t-seomar, "O a rìgh, beiribh air an duine
so. Bu mhise am boirionach a bha 'n sin, 's bu tusa an leanabh. " 'S ann
an so a bha 'm meas air Conal Cròbhi, 's thug an rìgh dha a bhior-linn làn
òir 's airgid an fhamhair 's rinn e rioghachd Shasuinn cho beartach 's a
bha i riamh.
This story
was told to me at Inveraray, April 25, 1859, by Gillies. It was told with
the air of a man telling a serious story, and anxious to tell it
correctly. The narrative was interlarded with explanations of the words
used, and the incidents described. Those who sat about the fire argued
points in the story. These were John MacKenzie, fisherman; John MacDonald,
travelling tinker; John Clerk, our host, formerly miller to the Duke of
Argyll; and some others, whose names I have forgotten. The story is very
correctly written. I took notes at the time, and they agree with the
Gaelic as written by Hector Urquhart, from the dictation of Gillies.
|