Search just our sites by using our customised search engine

Unique Cottages | Electric Scotland's Classified Directory

Click here to get a Printer Friendly PageSmiley

Popular Tales of the West Highlands
CONALL CRA BHUIDHE - Part 2

From  James Wilson, blind fiddler, Islay


CONALL CRA-BHUIDHE

Bha Conall crà bhuidhe na thuathanach foghainnteach ann an Eirinn. Bha ceathrar mhac aige. Bha anns an am sin rìgh air a h-uile còigeamh do dh' Eirinn. Thuit e mach do chlann an rìgh a bha fagus do Chonall gun deach iad féin agus clann Chonaill thar a' chéile. Fhuair clann Chonaill làmh an uachdar, 's mharbh iad mac mòr an rìgh. Chuir an rìgh fios air Conall 's thuirt e ris, "A Chonaill, dé thug do d' mhicsa dol a leum. air mo mhicsa gus an do mharbhadh mo mhac mòr le d' chloinnsa? Ach tha mi faicinn ged a leanuinn le dioghaltas thu nach mòr is fheàirde mi e, agus cuiridh mi nis ma d' choinneamh ni, agus ma ni thu e cha lean mi le dioghaltas thu. Ma gheobh thu féin agus do mhic dòmhsa each donn rìgh Lochlann, gheobh thu anamanna do mhac." "Carson," arsa Conall, "Nach dénainnsa toil an rìgh ged nach biodh anamanna mo mhac air a sgàth idir. Is cruaidh an gnothach a tha thu 'g iarraidh orm, ach caillidh mi mo bheatha féin agus beatha mo mhac air neo ni mi toil an rìgh." An déigh nam briathran so dh 'fhàg Conall an rìgh 's chaidh e dhachaidh. Nur a thàinig e dachaidh bha e fo mhòran trioblaid agus duibh-thiamhas. Nur a chaidh e laidhe dh' innis e d'a bhean an ni chuir an rìgh ma choinneamh. Ghabh a' bhean mòran duilichinn gum b'éigin da dealachadh rìthe féin, 's gun fhios aice 'm faiceadh i tuillidh e. "A Chonaill," ars' ise, "carson nach do leig thu leis an rìgh a thoil féin a dhèanadh ri d' mhic, seach a bhi folbh a nis 's gun fhios'am am faic mi tuillidh thu."

Nur a dh’éridh iad an Ia'r na mhàireach chuir e e féin 's a cheithir mic an òrdugh, 's ghabh iad an turas ma thuaiream Lochlann, 's cha d' rinneadh stad leo ach a reubadh cuain gus an d' ràinig iad e. Nur a ràinigh iad Lochlann cha robh fios aca de 'dhèabnadh iad. Arsa'n seann duine ra mhic, "Stadadh sibhse agus iarraidh sinn a mach tigh muillear an rìgh." Nur a chaidh iad a stigh do thigh muillear an rìgh chuir an duine iad a dh' fhantuinn anns an oidhche. Dh’innis Conall do 'n mhuillear gun deach a chlann féin 's clann an rìgh thar a cheile 's gun do mharbh a chlannsan mac an rìgh 's nach robh ni sam bith a thoileachadh an rìgh ach e 'dh 'fhaotainn each donn rìgh Lochlann. "Ma ni thusa rủn orm 's gun cuir thu air dòigh mi gum faigh mi e, gu diongalta paighidh mi air a shon thu," orsa Conall. " 'S amaideach an ni a thàinig thu 'dh 'iarraidh," ars' am muillear, "chionn tha'n rìgh air leagail inntinn air cho mòr 's nach fhaigh thu air dòigh sam bith e mar an goid thu e; ach ma ni thu féin dòigh a mach ceilidh mise rủn ort." " 'S e tha mi smaointeachadh," ars' Conall, "o'n a tha thu 'g obair h-uile latha do 'n rìgh, gun cuireadh thu féin 's do ghillean mi féin 's mo mhic ann an còig saic pruinn. " "Cha dona'n seòl a thàinig a’d’ cheann," orsa 'm muillear.

Bhruidhinn am muillear r' a ghillean, 's thuirt e riu so a dheanadh, 's chuir iad ann an còig saic iad. Thàinig gillean an rìgh dh' iarraidh a phruinn, 's thug iad leo na còig saic, 's dhoirt iad air beulthaobh nan each iad. Ghlais na seirbheisich an dorusd, 's dh' fholbh iad. Nur a dh' eirich iad a thoirt làmh air an each dhonn, orsa Conall, "Cha dèan sibh sin, tha e doirbh fhotainn as a' so; deanamaid dhuinn féin còig tuill fhalaich, air alt's ma mhòthachas iad duinn gun d'theid sinn am falach." Rinn iad na tuill. Thug iad an sin làmh air an each. Bha'n t-each gu math uaibhreach, 's chaidh e gu stararaich fhuathasach feadh an stàbuill. Mhothaich an rìgh dha; chual e 'n stararaich. " 'S éigin gur h-e siod an t-each donn agamsa,"  urs' e r'a ghillean, "feuchaibh de tha ceàrr air." Chaidh na seirbheisich a mach, 's nur a mhothaich Conall 's a mhic daibh tighinn chaidh iad 's na tuill fhalaich. Dh' amhairc na seirbheisich feadh nan each, 's cha d' fhuair iad ni sam bith cearr. Thill iad 's dh' innis iad so do 'n rìgh, 's thuirt an rìgh riu, mar an robh stugh cearr iad a dhol d' an aite taimh. Nur a bha ủine aig na gillean a  bbith air folbh thug Conall 's a mhic an ath lamh air an each. Ma bu mhòr an stararaich a rinn e roimhe, bu sheachd motha an stararaich a rinn e nis. Chuir an rìgh fios air a ghillean a ris 's thuirt e gu cinnteach gun robh rudeigin a cur dragh air an each dhonn. "Folbhaibh agus amhaircibh gu math timchioll air," ors' esan. Chaidh na seirbheisich a mach, 's chaidh iadsan do na tuill fhalaich. Rủraich na seirbheisich gu math, 's cha d' fhuair iad ni. Thill iad 's dh’ innis iad so. "Tha sin iongantach leamsa," ars' an rìgh. "Theirigeadh sibse 'laidhe rithisd, 's ma mhòthachas mis' a rithisd e, théid mi féin a mach. " Nur a mhothaich Conall 's a mhic gun robh na  gillean air folbh thug iad lamh a rithisd air an each, 's rug fear ac' air, 's ma bu mhòr an stararaich a rinn an t-each an da shiubhal roimhid, rinn e barrachd air an t-siubhal so. "Bhuam so," urs' an rìgh; " 's éigin gu 'bheil nitheigin a' cur dragh air an each dhonn agamsa.” Dh’ fhuaim e 'n clag gu deifireach, 's nur a thàinig a theachdaire da 'ionnsuidh thuirt e ris gillean an stàbuill a chur air ghluasad, gun robh rudeigin ceàrr air an each. Thàinig na gillean, ‘s dh' fholbh an rìgh leo. Nur a mhothaich Conall 's a mhic an tòir ,a' tighinn chaidh iad do na tuill fhalaich. Bha 'n rìgh 'na dhuine furachail, 's chunnaic e far an robh na bha toirt air na h-eich a bhi a’ deanadh stararaich. "Bithibh tapaidh," urs' an rìgh, "tha daoine a stigh 's an stàbull, 's faigheamaid iad air alteigin." Lean an rìgh faileachd nan daoine, 's fhuair e iad. Bha h-uile duine eòlach air Conall; chionn bha e 'na thuathanach measail aig rìgh Eireann, 's a thug an rìgh nìos as na tuill iad thuirt e "U! Chonaill a' bheil thu 'n so?" "Tha, rìgh, mi 'n so gun cheist, 's thug an eigin orm tighinn ann. Tha mi fo d' mhathas agus fo d' onair agus fo d' ghras." Dh' innis e mar a thachair da, 's gun robh aige 'n t-each donn r'a fhaotainn do rìgh Eireann no 'mhac a bhi air a chur gu bàs. "Bha fhios 'am nach fhaighinn e le iarraidh, 's bha mi 'dol g' a ghoid." "Seadh, a Chonaill, tha e glé mhath, ach thig a stigh," ars an' rìgh. Dh' iarr e air a luchd coimhead faire chur air mic Chonaill, 's biadh a thoirt dhaibh; 's chuireadh faire dhủbailt' an oidhche sin air mic Chonaill. "Nis a Chonaill," ars' an rìgh, "an robh thu 'n àite riabh na bu chruaidhe na 'bhith 'faicinn do chuid mac 'gan crochadh am màireach; ach chuir thusa gum' mhathas agus gum' ghras e, 's gur e 'n éigin a thug ort e, 's cha 'n fhaod mi thusa a chrochadh. Innis domh càs 'sam bith 'san robh thu cho cruaidh ris a' so, 's ma dh' innseas thu sin gheobh thu anam do mhic is òige leat." "Innsidh mi cas cho cruaidh anns' an robh mi," orsa Conall.

"Bha mi ann am ghill'òg, 's bha mòran fearainn aig m' athair, 's bha paircean bhiorach aige, 's bha te dhiu an deigh breith. Thuirt mo mhathair rium. a toirt dhachaidh. Dh' fholbh mi agus thug mi leam balachan, agus fhuair sinn a' bhò, 's thug sinn leinn i. Shil fras shneachda; chaidh sinn a stigh leinn, 's bha sinn a' leigeil dhinn na froise; dé 'thàinig a stigh ach aona chat deug 's cat mor ruagh cam na cheannabhard orra. Nur a thàinig iad a stigh, gu dearbh, cha robh tlachd sam bith agam féin d' an cuideachd. "Suas sibh," ursa 'n ceannabhard, "carson a bhiodh sibh 'nar tàmh, agus seinnibh crònan do Chonall Crà-bhuidhe." Bha iongantas orm gum' b’ aithne do na cait féin m' ainm. Nur a sheinn iad an crònan, urs' an ceannabhard, "Nis, a Chonaill, pàigh duais a'chrànain a sheinn na cait duit." "Mata, ursa mi fein "cha 'n 'eil duais agamsa dhuibh mar an d' thèid sibh sios agus an laogh sin a ghabhail." Cha bu luaithe thuirt mi 'm facal na ghabh an da chat deug a sìos an dàil an laoigh, 's gu dearbh cha do sheas e fada dhaibh. "Suas sibh, carson a bhiodh sibh, carson a bhiodh sibh 'nar tosd seinnibh crònan do Chonall Crà-bhuidhe," ars an ceannard. Gu diongalta cha robh tlachd 'sam bith agam féin d'an crònan, ach a nios a ghabh an t-aon chat deug, 's mar an do sheinn iad dòmhsa crònan an sin agus an sin.

"Paigh a nis'nan duais iad," ars an cat mor ruadh. "Tha mi féin sgith dhibh féin 's de 'r duais," arsa mise, "cha 'n 'eil duais agamsa dhuibh mar an gabh sibh am mart sin shios." Thug iad thun a mhairt, 's gu dearbh cha do sheas i fada dhaibh. "Carson a bhios sibh 'nur tosd theirigibh suas agus seinnibh crònan do Chonall Crà-bhuidhe," ars an ceannard. Gu cinnteach a rìgh cha robh amuil agam dhaibh féin no d' an crònan, chionn bha mi faicinn nach bu chompanaich mhath iad. Nur a sheinn iad dòmhsa 'n crònan thug iad a sìos orra far an robh an ceannard. "Pàidh a nis an duais," urs' an ceannabhard " 's gu cinnteach a rìgh cha robh duais agamsa dhaibh, 's thuirt mi riu, "cha 'n 'eil duais agamsa dhuibh mar an d' thoir sibh am balach sin leibh, 's feum a dhèanadh dheth.” Nur a chual am balach so thug e 'mach air, 's thug na cait as a dheigh; 's gu cinnteach a rìgh bha striongan eatorra. Nur a chaidh iad a mach ghabh mise mach air uinneag sgroth a bha air taobh củil an tighe. Thug mi as cho cruaidh 's a dh' fhaodainn a stigh do 'n choille. Bha mi gle luath, làidir 'san am sin. Agus nur a mhothaich mi toirm nan cat a' m' dhéigh streap mi ann an craoibh cho àrd's a chunnaic mi 'san àite agus a bha dủmhaill anns a bhàrr, s’ dh' fhalaich mi mi féin cho math 's a dh' fhaodainn. Thòisich na cait air m'iarraidh feadh na coille, 's cha robh iad 'gam' fhaotainn, agus nur a bha iad sgìth thuirt gach fear r'a chéile gun tilleadh iad, thuirt am cat cam, ruadh a bha 'n cheannabhard orra, "Cha 'n fhaca sibhs' e le 'ur da shủil, 's gun agams' ach an aon sủil. Siod an slaightire shuas am bàrr na craoibhe! " Nur a thuirt e sin chaidh fear dhiu suas 'sa chraoibh, 's nur a bha e tigh'n far an robh mi tharruinn mi arm a bh' agam, agus mharbh mi e. "Bhuarn so," urs' am fear cam, "cha ‘n’ fhaod mise 'bhi call mo chuideachd mur so. Cruinnichibh ma bhun na craoibhe, agus cladhachaibh timchioll urra, agus leagaibh an nuas an rògaire gu talamh." Chruinnich iad an so timchioll urra, agus chladhaich iad ma 'bun, agus a chiad fhreumh a gheàrr iad thug i uileann urra gu tuiteam, 's thug mi féin glaodh asam 's cha bioghnadh e. Bha ann an iomall na coille sagairt agus deich daoin' aig a ruamhar, 's thuirt e. "Tha n' siod glaodh sòraichte cha n 'fhaod mise gun a fhreagairt." Thuirt fear a bu ghlice de na daoine, "Ieigeamaid dà gus an cluinn sin a rithisd e." Thòisich na cait 's thòisich iad gu fiadhaich, 's bhrisd iad an ath fhreumh, 's thug mi féin an ath ghlaodh asam, 's gu dearbh cha robhe e fann. "Gu cinnteach," ors' an sagairt, " 's duine 'na éigin a th’ ann; gluaisemaid." Bha iad a' cuir an òrdugh gu gluasad, 's dh' éiridh na cait air a craoibh gus an do bhrisd iad an treas freumhach, ‘s thuit a craobh air a h-uileann. Thug mi 'n treas glaodh asam. Dheifirich na daoine foghainteach, 's nur a chunnaic iad an dìol a bh’ aig na cait air a chraoibh; thòisich iad urra leis na spàdan, 's thòisich iad féin 's na cait air a cheile, gus an do mharbhadh gu léir iad, na daoin' agus na cait; agus gu cinnteach a rìgh cha do charaich mise gus am faca mi 'n t-aon ma dheireadh a' tuitearn diu. Thainig mi dachaidh, agus sin agad an cas an cruaidhe 'n robh mise riabh, ‘s air leam gum bu chruaidhe 'bhith gam' leòbadh aig na cait na bhith 'ga m' chrochadh aig rìgh Lochlann a màireach."

"Od a Chonaill," ars an rìgh, " 's briatharach thu; shaor thu anam do mhic le d' naigheachd, agus ma dh' innseas thu dhomh càs is cruaidhe na do thri mic a bhi 'gan crochadh a màireach gheobh thu do dharna mac is òige leat 's bidh an sin da mhac agad." “Mata," orsa Conall, air chủmhnant gun dèan thu sin, bha mi 'n cas a bu chruaidhe na 'bhi' agadsa 'nochd am prìosan." "Cluinneam e," urs' an rìgh. "Bha mi 'n sìod," orsa Connall, "am ghill' òg 's chaidh mi mach a shealgaireachd, 's bha crìoch m' athar taobh na fairge, 's bha i garbh le creagan, uamhachan, agus geothachan. Nur a bha mi folbh aig bràigh a' cladaich chunnaic mi mar gum biodh toit a' tighinn a nìos eadar da chreag, 's thug mi làmh air amharc de bu chiall do'n toit a bhi tighinn a nìos an sìod. Nur a bha mi 'g amharc dè rinn mi ach tuiteam sìos, 's bha 'n t-àite cho làn do leasachadh 's nach do bhrisdeadh cnàimh na craicionn. Cha robh fios'am dé mur a gheobhainn a mach as an so. Cha robh mi 'g amharc romham ach bha mi 'g amharc as mo chionn an rathad a thàinig mi, 's cha d' thig an lath' a gheobhainn suas an sin. Bha e uamhasach leam a bhi 'n sin gus am bàsachainn. Chuala mi tuairneileis mhòr a' tighinn, 's de bha 'n sin ach famhair mòr, 's da dhusan gobhar leis, agus boc air an ceann, 's nur a cheangail am famhair na gobhair thàinig e nìos 's thuirt e rium, "Haobh a Chonaill 's fhada mo chorc a' meirgeadh ann a' m' phòca a feitheamh air t-fheòil mhaoth." "Oh," arsa mise, "cha mhòr is fheàird thu mise ged a reubas thu mi as a' chéile, cha dean mi ach aon trath dhuit; ach tha mi faicinn gu 'bheil thu air aon sủil, 's léigh math mise 's bheir mi sealladh na shủil eile dhuit." Dh' fhoIbh am famhair 's tharrainn e 'm brothadair mor air làrach a ghealbhain, 's bha mi féin aig ionnsachadh dha démur a theòigheadh e 'n t-uisge, chum gun d' thugainn a sealladh do 'n t-sủil eile. Fhuair mi fraoch, 's rinn mi rubair dheth 's chuir mi 'na sheasamh anns a' brothadair e. Thòisich mi air an t-sủil a bha gu math, a' cur mar fhiachaibh air gun d' thugainn a sealladh do 'n te eile gus an d' fhag mi cho dona r'a chèl' iad; agus gu cinnteach b’ fhasa 'n te a bha gu math a mhilleadh na sealladh a thoirt do 'n te eile. Nur a chunnaic e nach bu leur dha leus, 's a thuirt mi féin ris gum faighinn a mach gun taing dha, thug e 'n leum sin as an uisge 's sheas e ann am beul na h-uamha, 's thuirt e gum biodh dìoghladh aig airson sealladh a shuil. Cha robh agam ach fantainn ann am pilleag an sin fad na h-oidhche, 'cumail m' anail a stigh air dhòigh 's nach mòthchadh e càit' an robh mi. Nur a mhothaich e na h-eòin a' gairm anns a mhaidinn, 's a dh' aithnich e gun robh an lath' ann, thuirt e, “Bheil thu 'd chadal, dủisg agus leid a mach mo chuid ghobhar." Mharbh mi 'm boc. Ghlaoidh esan,

"Cha chreid mi nach 'eil thu marbhadh mo bhuic." "Cha n'eil," orsa mise, "ach tha na ròpaichean cho teann 's gun d' thoir mi fad' air am fuasgladh. Leig mi mach te de na gobhair, 's bha e ga crìodachadh, 's thuirt e rithe. "Tha thus' an sin a ghobhar, bhàn, riobagach, roineach, 's chi thusa mise, ach cha 'n fhaic mis' thusa." Bha mi 'gan cuir a mach a lìon ‘s té 's té 's a feannadh a bhuic 's ma'n robh 'n te ma dheireadh dhiu 'mach bha feannadh-builg agam air. Dh' fholbh mi 'n so 's chuir mi mo chasan ann an àite 'chasan-deiridh 's mo làmhan an àite 'chasan-toisich, agus mo cheann an àite 'chinn, 's na h-adhaircean air mullach mo chinn, air alt 's gun saoileadh a bhéisd gur e 'm boc a bh' ann. Chaidh mi 'mach. Nur a bha mi 'dol a mach chuir am famhair a làmh orm, 's thuirt e, “Tha thus' an sin a bhuic bhòidhich, chi thusa mise ach cha 'n fhaic mis' thusa." Nur a fhuair mi féin a mach, 's a chunnaic mi 'n saoghal ma ‘n cuairt orm, gu cinnteach a rìgh bha boch orm. Nur a bha mi mach, 's a chrath mi dhiom an craicionn, thuirt mi ris a bhèisd, "Tha mi mach a nis gun taing duit." "Aha," urs' esan, "an d'rinn thu so orm? O 'n a bha thu cho foghainteach 's gun d' fhuair thu mach, bheir mi dhuit fàinn' a th' agam an so, 's gléidh am fàinne 's ni e feum dhuit." "Cha ghabh mi 'm fàinne uait," arsa mise, "ach tilg e, 's bheir mi leam e." Thilg e 'm fàinn' air a bhlàr, chaidh mi fein 's thog mi 'm fàinne, 's chuir mi air mo mheur e. Nur a thuirt e rium an sin, “A’ bheil am fàinne freagairt duit?" thuirt mi ris, “Tha." Urs' esan, "Ca' 'bheil thu fhàinne?" 's thuirt am fàinne. “Tha mi 'n so." Dh' fholbh a' bhèisd 's thug e ionnsuidh air far an robh 'm fàinne bruidhinn, agus chunnaic mi 'n so gun robh mi 'n càs na bu chruaidhe na bha mi riabh. Tharruinn mi biodag; ghearr mi dhìom a' mheur; 's thilg mi uam i cho fhada 's a ‘b urrainn mi' mach air an loch, 's bha dhòimhneachd mhòr 's an àite. Ghlaoidh esan, "Càit' a' bheil thu fhàinne? 's thuirt am fàinne, “Tha mi 'n so,” ged a bha e 'n grunnd a chuain. Thug e leum as déigh an fhàinne, 's a mach a ghabh e anns an fhairge 's bha mi cho toilichte an so nur a chunnaic mi e 'ga bhathadh, 's ged a leigeadh thusa mo bheatha fein agus beatha mo mhac leam gun mìr dragh a chuir orm. Nur a bhàthadh am famhair chaidh mi stigh 's thug mi leam na bh' aige 'dh' òr 's do dh' airgiod, 's chaidh mi dhachaidh, 's gu cinnteach bha toilinntinn mhòr air mo mhuinntir nur a ràinig mi 's mar chomharra dhuit fhaic thu 'mheur dhìom.

"Seadh a Chonaill 's briathrach seòlt’ thu," ars an rìgh, "tha mi faicinn do mheur dhìot. Shaor thu do dha mhac a nis ach innis domh càs is cruaidhe an robh thu riabh na bhi'g amharc air do dha mhac 'gan crochadh a màireach 's gheobh thu anam do dharna mic is sine leat."

"Dh' fholbh an siod m' athair," arsa Conall, "agus fhuair e dhomh bean, 's bha mi air mo phòsadh. Dh’ fholbh mi shealg. Bha mi folbh taobh na fairge 's chunnaic mi eilean thall am meadhon an loch, agus thainig mi far an robh bàta an sin, 's ropa roimpe 's ropa na deigh, 's mòran do neithean nithean luachmhor an taobh a stigh dhi. Dh' amhaire amhairc mi féin air a bhàta feuch démur a gheobhainn pairt diu. Chuir mi stigh an darna cas 's bha 'chas eile air a ghrunnd, 's nur a thog mi mo cheann de ach a bha 'm bàta nunn am meadhon an loch, 's cha do stad i gus an d' ràinig i 'n t-eilean. Nur a chaidh mi mach as a bhàta thill am bàta far an robh i roimhid. Cha robh fiosam an so de' dhèanainn. Bha 'n t-àite gun bhiadh, gun aodach, gun choltas tighe air. Thog mi mach aìr mullach cnoic. Thàinig mi gu gleann. Chunnaic mi ann an grunnd glomhais bean agus leanabh aice, 's an leanabh ruisgt' air a glủinean, agus sgian aice 'na Iàimh. Bheireadh i làmh air an sgian a chuir air muineal an lèinibh, 's thòiseachadh an leanabh air gàireachdaich na h-aodann, 's thòiseachadh ise air caoineadh, 's thilgeadh i 'n sgian air a h-ais. Smaointich mi féin gun robh mi fagus do m' naimhdean 's fad o m' chairdean, 's ghlaoidh mi ris a bhoireannach. "De' tha thu 'deanadh an so?" 's thuirt i rium, "De thug thus' an so?" Dh' innis mi féin di facal air an fhacal mar a thàinig mi. "Mata," ors' ise, “`s ann mar sin a thàinig mise cuideachd. " Sheòl i mi gus an àite 'n d' thiginn a stigh far an robh i. Chaidh mi stigh, 's thuirt mi rithe, "De bu choireach thu bhi' cur na sgian air muineal a phàisde?" "na gu 'feum mi e ‘bhi bruich airson an fhamhair a tha 'n so, air no cha bhi tuillidh do m' shaogbal romham." Chaidh mi suas ceumanna staighreach, 's chunnaic mi seòmar làn do chuirp rủisgte. Thug mi plaibean as a chorp a bu ghile, agus cheangail mi sreang ri cas a phàisde 's streang ris a phlaibean,'s chuir mi 'm plaibean 'na bheul, 's nur a bhiodh e' dol' na mhuineal bheireadh e sìneadh air a chois, 's bheireadh e as a mhuineal e, ach leis an fhad a bha 's an t-snàthainn cha b-urrainn e thoirt as a bheul. Thilg mi 'm pàisd' ann am baraille clòimhe, 's dh' iarr mi urra 'n corp a bhruich do 'n fhamhair an ìite phàisde. "Demur is urrainn mi sin a dheanadh," ars' ise, " 's gu bheil cunndas aig air na cuirp?" "Dean thusa mar a tha mise 'g iarraidh ort, 's rủisgidh mise mi féin, 's theid mi 'measg nan corp, 's bidh an cunndas aig an sin," ursa mise. Rinn i mar a dh' iarr mi urra. Chuir sin an corp anns a bhrothadair mhòr, ach chu b-urrainn duinn am brod a chur air. Nur a bha esan a tigh'n dachaidh rủisg mise mi fein 's chaidh mi measg nan corp. Thàinig esan dachaidh, s’ a chuir ise 'n corp air mias mhòr, 's nur a dh' ith e e bha e a' gearan gun robh e tuillidh is righinn leis do phàisde. "Rinn mise mar a dh' iarr thu," urs' ise, "bha cunndas agad féin air na cuirp, 's theirig suas a nis agus cunnd iad." Chunnd e iad 's bha iad aige. "Tha mi ‘faicinn fear corp geal an siod," urs' esan " 's théid mi 'laidhe treis, ‘s bidh e agam nur a dhủisgeas mi." Nur a dh' éiridh e chaidh e suas 's rug e orm, 's cha robh mi na leithid do chàs riamh, 's nur a bha e 'gam shlaodhadh sios an staighir 's mo cheann as mo dhéigh. Thilg e anns a' choire mi. Thog e 'm brod, 's chuir e 'm brod anns a choire. Bha mi 'n so cinnteach gum bithinn sàglte ma 'm faighinn as an siod. Mar bhuaidh fhortain dòmhsa chaidil a bhéisd taobh a choire. Bha mi 'n sin 'gam sgaltadh le màs a' choire. Nur a mhothaich ise gun robh e 'na chadal chuir i 'beul gu réidh ris an toll  a bha 's a' bhrod, 's thuirt i rium an robh mi beò. Thuirt mi gun robh. Chuir mi suas mo cheann, 's bha corrag na beisde cho mòr 's gun deach mo cheann roimhe gu soirbh. Bha h-uile ni tigh'n leam gu soirbh gus an do thòisich mi air toirt a nios mo chruachan. Dh’ fhàg mi craicionn nan cruachan ma bheul an tuill, 's thàinig mi as. Nur a fhuair mi 'mach as a choire cha robh fhios'am de' dhéanainn, 's thuirt ise rium nach robh arm sam bith a mharbhadh e ach arm féin. Thòisich mi air tarruinn na sleagh, 's a' h-uile tarruinn a bheireadh e air anail shaoilinn gum bithinn sìos 'na mhuineal, 's nur a chuireadh e 'mach anail bha mi cho fad'a rithisd air m' ais. H-uile h-olc g' an d' fhuaireadh mi fhuair mi n t-sleagh fhuasgladh uaidh. Bha mi 'n sin mar gum bithinn fo ultach cònlaich ann an gaoith mhòr, 's nach b-urrainn mi 'n t-sleagh iomachar, 's b-oillteil a bhi 'g amharc air a bhèisd, 's gun ach aon sủil an clàr aodainn, 's cha b-aobhach do m' leithidsa dol 'na dhàil. Tharruinn mi 'n t-sleagh mar a b'fheàrr a b’urrainn mi, 's chuir mi 'na shủil i. Nur a mhothaich e so thug e togail air a cheann, 's bhuail e ceann eile na sleagh ri driom na h-uamha, 's chaidh i roimhe gu củl a chinn 's thuit e fuar, marbh far an robh e, 's gu cinnteach dhuitse a rìgh bha boch ormsa. Chaidh mi fein 's am boireannach a mach air fearann glan, 's chuir sin seachad an oidhche an sin. Dh' fholbh agus fhuair mi m bàta leis an d' thàinig mi, agus cha robh iodramanachd sam bith urra, 's thug mi 'bhean agus am pàisde nunn air talamh tioram, agus thill mi dhachaidh."

Bha mathair an rìgh a' cur air gealbhan 'san am, 's ag éisdeachd ri Conall aig innseadh an naigheachd ma 'n phàisde. "An tus'," urs' ise "bha 'sin." "Mata," urs esan, " ‘s mi." "Och! och!" ors’ ise, “ ‘s mise 'bha 'n sin, agus 's e 'n rìgh am pàisde d'an do shàbhail thu 'bheatha, agus ‘s ann ort a dh' fhaodar buidheachas a bheatha thobhairt." Ghabh iad an so toilinntinn mhòr. Urs' an rìgh, "A Chonaill thàinig thu ro chisan mòr agus ‘s leat a nis an t-each donn, agus a shachd do na nitheannan is luachmhoire 'th' ann a'm' ionmhas." Chaidh iad a laidhe 'n oidhche, sin 's ma bu mhoch a dh' éiridh Conall bu mhoiche na sin a bha bhanrigh air a cois a 'dheanadh deas. Fhuair e an t-each donn, 's a shachd do dh' òr, 's do dh' airgiod, 's do chlacha luachmhor, 's dh' fholbh an sin Conall ‘s a cheathrar mac, 's thill iad dachaidh do rìoghachd aighearach Eirinn. Dh' fhàig e 'n tòr 's an t-airgiod aig an tigh, 's chaidh e leis an each thun an rìgh. Chord a féin 's an rìgh, 's bha iad 'nan càirdean matha tuillidh. Thill e dhachaidh thun a mhnatha 's chuir iad an òrdugh cuirm, 's b’i chuirm i a mhic 's a bhràthair.


Return to Book Index page


 


This comment system requires you to be logged in through either a Disqus account or an account you already have with Google, Twitter, Facebook or Yahoo. In the event you don't have an account with any of these companies then you can create an account with Disqus. All comments are moderated so they won't display until the moderator has approved your comment.

comments powered by Disqus

Quantcast